У нас вы можете посмотреть бесплатно Tha mo Spiorad Cianail или скачать в максимальном доступном качестве, видео которое было загружено на ютуб. Для загрузки выберите вариант из формы ниже:
Если кнопки скачивания не
загрузились
НАЖМИТЕ ЗДЕСЬ или обновите страницу
Если возникают проблемы со скачиванием видео, пожалуйста напишите в поддержку по адресу внизу
страницы.
Спасибо за использование сервиса ClipSaver.ru
Seachdain 10 – 04.03.2020 Air a ghabhail le John Murdo ‘Pordy’ Martin Tha na faclan agus beagan fiosrachadh gu h-ìosal, son barrachd fiosrachaidh theirig gu https://www.feisean.org/fuaran/gd/tha... Tha mo spiorad cianail Gach latha tha sa bhliadhna ’S e dh’fhàg mi òg ri liathadh Nach fhaod mi triall do chladaichean. Cha chluinn mi sàl rim chliathaich A’ tràthadh no ri lìonadh ’S na bàtaichean ri iasgach Gu rianail mu do chamasan. Chan fhaic mi stamh no maorach No ’n duileasg milis craobhach Ged ’s tric a bha mi crùbach Gam buain far taobh nan carachan. San fheasgar ceòthar bàghach Nì an eathar seòladh sàmhach Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic’ No fuaim an t-sàl mun toiseach aic’. Cha chluinn mi dìosg nan cliabh aic’ Nuair bhios iad a’ toirt an èisg aist’ ’S na balaich bheag ag èigheachd A’ ruith ’s a’ leum ’s iad casruisgte. An t-àite ’S e baile beag anns an Rubha a Leòdhas a th’ ann am Port Bholair. The e mu naoi mìle à Steòrnabhagh, air an rathad gu taigh-sholais an Tiumpain. Chaidh an solas seo air airson a’ chiad uair ann an 1900. Tha àiteachan iasgaich faisg air port Bholair a tha cho math ’s a tha ri fhaighinn an àite sam bith sna h-Eileanan an Iar, co-dhiù tha thu dol a-mach air eathar no ag iasgach bho Foitealar no Bilidh Mhòr. Tha an leabhar Casan Searraich le Calum Fearghasdan (Acair 2014) a’ toirt dealbh air beatha sa bhaile ron Dàrna Cogadh agus as dhèidh.